Beag air Bheag - Episode 11

Episode 11

Download Episode 11

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

An t-seachdain seo tha Iain a' còmhradh ri Pàdraig Piddock à Dover a th' air a bhith a' fuireach san Eilean Sgiathanach airson faisg air fichead bliadhna. Tha Pàdraig ag innse mar a thàinig e gu bhith ag ionnsachadh Gàidhlig is a' fuireach ann an Alba agus mu ùidh mhòr ann an ceòl, gu sònraichte ceòl "blues". Ann an Oisean a' Ghràmair tha an t-Ollamh Michel Byrne a' coimhead ri aon ghnìomhair "Toirt" no mar òrdugh "Thoir".

John Urquhart guides Gaelic learners through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. This week John chats to learner Peter Piddock who is originally from Dover but has been living in Skye for almost twenty years. Gaelic grammar help is on hand from Dr Michel Byrne of Glasgow University and BBC archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.


Published on Sunday, 31st May 2015.

Available Podcasts from Beag air Bheag

Subscribe to Beag air Bheag

We are not the BBC, we only list available podcasts. To find out more about the programme including episodes available on BBC iPlayer, go to the Beag air Bheag webpage.