Download Ep 2: Eilean Leòdhais
Thèid am podcast seo an cois sreath de phrògraman air BBC ALBA air a bheil Dàna | Scotland’s Wild Side. Anns na clàraidhean seo, tha an stiùiriche Hamish Macleòid agus am preasantair dàna Coinneach MacFhraing a’ bruidhinn mu dheidhinn gach earrann, na h-àiteachan agus na dùbhlain air an tàinig iad tarsainn.
Ged nach eil Eilean Leòdhais aithnichte airson a chuid bheanntan, tha e a’ tabhainn mathagan sgorrach dhan an fheadhainn Dàna a tha deònach a dhol a dh’ionnsaigh na h-Eileanan A-Muigh. Anns an earrann seo, tha Coinneach agus Hamish a’ meòrachadh air an turas a ghabh iad air slèibhtean Ùig ann an Eilean Leòdhais, a’ dol an sàs ann a sgeir fhada, chas àrd os cionn na mara agus mar a bha iad a’ cothachadh an aghaidh droch shìde nan Eilean Siar. Cluinnear mar a thàinig orra an cuid plànaichean atharrachadh an deis meadhan gnothach ri linn creagan a bha gu math sleamhainn agus cunnartach.
Tha na sreapadairean dealasach seo ag obair uamhasach fhèin math còmhla agus tha an càirdeas seo a’ tighinn tarsainn ann a dòigh a tha saorsnail, ionnsaichte agus èibhinn aig amannan cuideachd.
Published on Thursday, 30th September 2021.
Available Podcasts from Dàna: Scotland’s Wild Side
Subscribe to Dàna: Scotland’s Wild Side
We are not the BBC, we only list available podcasts. To find out more about the programme including episodes available on BBC iPlayer, go to the Dàna: Scotland’s Wild Side webpage.