Download Sgainneal na Fala Truaillte
Eadar an 1970n agus na 1990n chaidh 30,000 duine a ghannrachadh le Hepatitis C agus HIV an dèidh dhaibh stuthan fala fhaighinn bhon NHS. Cho-dhùin rannsachadh poblach, a mhair sia bliadhna, gun deach am fàiligeadh uair an dèidh uair le dotairean, an NHS agus riaghaltasan. Dhearbh Riaghaltas Westminster gun tèid sgeama airgead dìolaidh a chur an sàs agus gum faigh feadhainn a' chiad chuibhreann dheth as t-samhradh. Beagan uairean a thìde an dèidh do bhuil an rannsachaidh a bhith air fhoillseachadh, fhuair Anndra MacFhionghain cothrom bruidhinn ris an Urr Susaidh Roberts. Chaochail a h-athair, John Kenneth Algie, an dèidh dha fuil fhaighinn a bha air a thruailleadh le Hepatitis is HIV.
Published on Thursday, 23rd May 2024.
Available Podcasts from Taghta
We are not the BBC, we only list available podcasts. To find out more about the programme including episodes available on BBC iPlayer, go to the Taghta webpage.